Mediating Multilingualism
Pròiseact le Oilthigh Amity, Haryana, Ionadan Innseanach airson Cànain ann an Cunnart, agus Aonad a’ Chànain Diameugach aig Oilthigh nan Innseachan an Iar, Mona.

Le taic bho Shoillse agus bho Shabhal Mòr Ostaig, tha an Institiud a' stiùireadh am pròiseact seo gus ceanglaichean a thogail le luchd-rannsachaidh sna h-Innseachan agus ann an Diameuga aig a bheil ùidh ann an ioma-chà nanas agus cà nain ann an cunnart no le cion taic. Anns a' chiad bhliadhna, 2018-2019, chaidh co-labhairt a chumail aig Amity University, Haryana, mar phà irt ann an cuairt anns an robh cothrom air tadhal air Ionadan airson Cà nain ann an Cunnart (Centres for Endangered Languages) aig Oilthigh Jadavpur, Kolkata, agus Visva-Bharati, Santiniketan. Tha cunntas slà n ri fhaighinn, le ceanglaichean ri taisbeanaidhean, san .
San dà rna bhliadhna, bha cuideam ga chur air rannsachadh le dòighean ùra chlà raidh agus là raich-lìn cuideachail, a bharrachd air leasachadh air clà r-ghnothaich airson rannsachadh air an à rainneachd sòisealta airson cà nain ann an cunnart. As dèidh buaidh ChOVID-19 chaidh cuideam a chur san eadarama air dà ta air-loidhne a thaisbeanadh agus a leasachadh, feuch an gabhadh Clilstore a dhèanamh nas eifeachdaich ann a bhith a’ dèiligeadh le cà nanan agus litridhean Innseanach. Chaidh aonadan a chruthachadh ann an ceithir cà nanan eadar-dhealaichte, le dùil ri leasachaidhean a bharrachd:
| Assamese | Bangla | Khasi | Tamil |
San treas bliadhna, chaidh fà ilte a chur air Aonad a’ Chà nain Diameugach anns a’ phròiseact. Am measg rudan eile, tha an t-aonad a’ rannsachadh a’ chà nain Diameugach agus a’ putadh airson aithneachadh foirmeil airson a’ chà nain, a bharrachd air a bhith ga theagasg do thùsanaich agus luchd-ionnsachaidh. ’S e a’ phà irt Dhiameugach sa phròiseact ach gum bithear a’ cruthachadh stuth claisteach agus lèirsinneach anns a’ chà nan, a bharrachd air tar-sgrìobhaidhean, eadar-theangachaidhean, agus obair faclaireachd, agus a’ togail corpas le 500,000 facail.
Chaidh bun-stèidh là idir a chur ann a-nis airson na h-obrach seo uile. Leis nach eil taic no faclair air-loidhne ann fhathast airson a’ chà nain Diaimeugach, chaidh “Custom Wordlists†a chur air dòigh gu h-à raid airson a’ phròiseict seo gus eisimpleirean de bhidiothan Guthan nan Eilean a chur air Clilstore airson luchd-labhairt Diaimeugach.
Ann an obair eile chaidh sreath ùr, air a bheil “â€, a thòiseachadh air an t-sianal YouTube , a tha a' sgaoileadh podcasts sa chà nan.
Anns an eadar-ama, a’ leantainn air fosgladh a-mach às a’ ghlasadh-sluaigh san Earrach 2021 anns na h-Innseachan, chaidh luchd-rannsachaidh a bharrachd fhastadh ann an diofar sgìrean dhen dùthaich, a chruinnich clà raidhean ùra gus an cur ann an cruth eileagtronaigeach agus an sgaoileadh air-loidhne. Tha an sgioba aig AUH air là rach shònraichte a stèidheachadh airson obair anns na h-Innseachan.
Chaidh aonad-sampaill Clilstore ann an a chur air dòigh cuideachd, a’ cleachdadh Custom Wordlists a-rithist, airson èifeachdas a mheasadh air mar a thèid a chleachdadh le cà nanan Innseanach aig nach eil taic air-loidhne. Agus chaidh grunn bhidiothan Guthan nan Eilean a chur air Clilstore san aon stoidhle.
| Bangla | Hindi | Tamil |
Sna seachdainean mu dheireadh dhen phròiseact thà inig na com-pà irtichean sna h-oilthighean ann an Alba, Diaimeuga, agus sna h-Innseachan còmhla airson cuspairean san robh ùidh aca uile a dheasbad cuide ri luchd-labhairt às an Rìoghachd Aonaichte aig a bheil cà nanan coimhearsnachd. Chleachd iad pìosan a-mach à Saoghal Thormoid airson nan deasbadan a phiobrachadh. Chaidh na còmhraidhean seo a chlà radh, agus tha iad a-nis ri fhaighinn air duilleig fa leth – Talking Points le Saoghal Thormoid.
Tha Mediating Multilingualism a' faighinn taic bhon Global Challenges Research Fund.
Tha am bhidio seo ag aithris air an Fhèis Eadar-nà iseanta airson Cà nain Tùsanach ann an Cunnart, a chaidh a chumail aig North-Eastern Hill University (NEHU), Shillong, ann an 2019 - Bliadhna Eadar-nà iseanta nan Cà nan Tùsanach. ‘S e film ioma-chà nanach a th’ ann, air a thaisbeanadh sa Ghà idhlig agus le fo-thiotalan sa Bheurla. Mairidh am film fhèin nas lugha na 12 mionaidean, le ro-rà dh goirid (2.5 mionaidean). Tha e air a leantail le deasbad (6 mionaidean) agus crìoch-sgeòil fìor ghoirid as dèidh sin.