Pròiseactan
Ceanglaichean ri pròiseactan agus stòrasan air an leasachadh leis an Institiud
A bharrachd air Pròiseact Rannsachaidh Gà idhlig nan Eilean, air a thòiseachadh le Soillse agus ga fhoillseachadh ann an 2020, tha an Institiud air pròiseactan eile a thòiseachadh agus a leasachadh.
Saoghal Thormoid
Còmhraidhean le sgriòbhadair is cleasaiche ainmeil Tormod MacGill-Eain, anns an robh Tormod a’ bruidhinn mu na cuimhneachan aige air beatha dhà -chà nanach ann an Glaschu agus anns na h-Eileanan bho mheadhan an fhicheadamh linn air adhart.
Stòras Beò nan Gà idheal
Clà raidhean le luchd-labhairt fileanta ann an Gà idhlig na h-Alba agus na h-Èireann, a’ cleachdadh dòighean-obrach sìmplidh gus dealbh fhaighinn air beatha nan Gà idheal aig deireadh an fhicheadamh linn suas chun an latha an-diugh.
Mediating Multilingualism
Pròiseact co-obrachail le Oilthigh Amity, Haryana, agus lìonradh nan ionadan airson cà nain ann an cunnart sna h-Innseachan, gus dòighean-obrach ùra a leasachadh leis na meadhanan ùra ann an à rainneachd ioma-chà nanach ach dùbhlanach.
"Talking Points" le Tormod
Deasbadan eadar com-pà irtichean eadar-nà iseanta ann am Mediating Multilingualism agus luchd-labhairt cà nanan coimhearsnachd san Rìoghachd Aonaichte air cinn-ùidhe, coimeasan, agus crìochan eadar cà nanan, le criomagan à Saoghal Thormoid.