Institiud Rannsachaidh Cànain

Tha e fa-near don Institiuid Rannsachaidh Cà nain (Language Sciences Institute – LSI) ùr-ghnà thachas agus eòlas an lùib rannsachaidh is ionnsachaidh a cheangal agus feum a dhèanamh de chumhachd choitcheann agus neartan ioma-chuspaireil lìonra acadaimigeach OGE (ÐÓ°ÉÔ´´) airson na dòighean là thaireach an lùib ath-bheothachadh mhion-chà nanan a dhèanamh à s ùr. Togaidh an Institiud air obair a’ phròiseict Soillse agus thèid barrachd cuideim a chur air na coimhearsnachdan far a bheil a’ Ghà idhlig ga bruidhinn gu traidiseanta.
’S iad feartan air leth na h-Institiuid:
- Institiud rannsachaidh is ionnsachaidh, fillte ann an coimhearsnachd mion-chà nain, stèidhichte air tuigse air ceanglaichean beò eadar coimhearsnachdan Gà idhlig.
- Dòigh-obrach fhosgailte is cho-obrachail air rannsachadh mion-chà nain a tha a’ com-pà irteachadh le coimhearsnachdan an lùib pròiseas meòrachaidh is ionnsachaidh.
- Co-dhealbhadh mhodhan-eòlais rannsachaidh ùra agus phròiseasan aiseig-eòlais ùr-ghnà thach a chuireas ri leasachadh comasan an oilthigh is e a’ freagairt ri dùbhlanan sòiseo-chananach.
- Freagairt ri dùbhlanan sòiseo-chà nanach bho thaobh nà iseanta agus eadar-nà iseanta.
- Cleachdadh dòigh-obrach là n-shiostam an lùib obair is rannsachadh cà nain, stèidhichte air freagairt nan dùbhlanan an cois seasmhachd shòisealta is eaconamach nan coimhearsnachdan mhion-chà nanan.
- Dòigh saidheans cà nanach an lùib an rannsachaidh, a’ ceangal shuidheachaidhean ionadail mhion-chà nanan ri seallaidhean eadar-nà iseanta air pròiseasan ath-bheothachadh chà nanan agus a’ choimhearsnachd an sàs ann an dealbhadh gnìomh, poileasaidh agus rannsachadh ùr.
Thathar a’ meas gun leig dìleab rannsachaidh a’ phròiseict leis an Institiuid taic a chur an sàs airson cothroman seasmhachd do chà nan is cultar nan Gà idheal ann an Alba a thoirt gu buil. Feumar poileasaidhean is ro-innleachdan san à m ri teachd, a th’ air an cur an cèill tro Phlanaichean Cà nain Nà iseanta agus tro Phlanaichean Cà nain, buidhnean poblach a stèidheachadh anns an fhìrinn mu staid na Gà idhlig. Tha an Institiud a’ meas gu bheil seo fìor chudromach ann an à iteachan far a bheil a’ Ghà idhlig beò gu ìre air choireigin mar chà nan coimhearsnachd.
Plana aiseig-eòlais
Chaidh an Institiud a leasachadh airson rannsachadh na Gà idhlig a neartachadh cho math ri obair ionnsachaidh is leasachaidh an oilthigh ann an com-pà irteachas le Colaiste Nà iseanta na Gà idhlig, Sabhal Mòr Ostaig OGE, buidhnean poblach agus coimhearsnachd na Gà idhlig. Bidh luchd-obrach na h-Institiuid ag obair thar chuspairean oilthigh airson freagairt ris na trioblaidean sòisealta is eadar-nà iseanta an lùib gleidheadh mhion-chà nanan is mhion-chultaran ann an dòigh cho-cheangailte.
Leasachadh poileasaidh is chom-pà irteachasan
Bidh an Institiud na meadhan air deasbad fiosrach air na factaran a bhuineas do chruthachadh seasmhachd don Ghà idhlig mar dhearbh-aithne choitcheann is shòisealta. A thuilleadh air sin, tro stèidheachadh na h-Institiuid, bithear ag adhbharachadh com-pà irteachaidh ann an dòigh bhrìoghmhor agus bhrosnachail le coimhearsnachd thraidiseanta a’ chà nain agus le coimhearsnachdan ùra na Gà idhlig a tha a’ nochdadh ann am bailtean mòra na h-Alba. Tha dleastanas cudromach aig an Institiuid Rannsachaidh Cà nain a bhith a’ cur ri rannsachadh agus poileasaidh nà iseanta anns an roinn seo de dhealbhadh cà nain ann an Alba.