Tachartas Ioma-chànanach ann am Barmouth

Le Ifor ap Glyn (Bàrd Nàiseanta na Cuimrigh 2016-2022) sa chathair, chaidh tachartas ioma-chànanach a chùmail gus am bhidio “Diaimeugan sa Chuimrigh” le Guthan nan Eilean mu dheidhinn bàrd is neach-ealain Audrey West a shealltainn agus a dheasbad aig an Dragon Theatre ann am Barmouth.

see full size image
Chaidh an tachartas a chlàradh, agus chaidh bhidio goirid ma dheidhinn a dhèanamh a tha ri fhaicinn air Sianal YouTube Guthan nan Eilean

Bha Gordon Wells, am manaidsear airson CIALL, air a’ phanail airson na bhidiothan air fo bhratach “” a dheasbad aig coinneamh phoblach ann am Barmouth.

A Bharrachd air  agus , tha am prìomh bhidio cuideachd ri fhaighinn ann an , , agus , a’ leantail spiorad nan iomairtean “” agus “” aig Guthan nan Eilean. Cha b’ urrainnear na cànanan seo uile a chleachdadh air an oidhche ach chaidh cuideam iomchaidh a chur air Cuimris, a bharrachd air Jamiekan, le Ifor ap Glyn () sa chathair.

Chualas cuideachd bho Rita Stringer aig an Diversity Project aig an , ann an deasbad farsaing, le iomradh air a thoirt air eachdraidh bho dhiofar sheallaidhean a bharrachd air cànain agus cànanachas (gu h-àraid ioma-chànanas san latha an-diugh). Bhruidhinn Audrey gu fosgailte ma beatha phearsanta, phroifeiseanta agus ealanach, agus bha i deònach ceistean a fhreagairt mun chànan Diaimeuganach. Chaidh iomradh a thoirt cuideachd air obair an Jamaican Language Unit ann an co-obrachadh le OGE tron phròiseact "Mediating Multilingualism".

Gheibhear blasad dhen deasbaid, cuide ri criomagan às a’ bhidio ann an Cuimris, Gàidhlig, agus Diaimeugan sa bhidio ghoirid seo.