Jamaican sa Chuimrigh

Tha CIALL a’ toirt taic do leudachadh am modal chlàraidh aig Guthan nan Eilean gu co-theacsan ùra, gnèithean ùra, agus cànanan ùra, nam measg eisimpleirean de chleachdadh cànain Jamaican san RA.

see full size image
Tha a h-uile film ann an Jamaican a-nis ri fhaighinn air-loidhne air sianal bhidio Ghuthan nan Eilean, agus gheibhear thuca tro làrach-lìn a’ phròiseict ann an cruth “landscape”, no cruth “portrait” a tha furasta a chleachdadh airson fòn

Chaidh an neach-ealain agus bàrd Audrey West, a rugadh ann an Jamaica, ach a thogadh ann an Lunnainn, fhilmeadh aig a dachaigh sa Chuimrigh o chionn ghoirid. Mar thoradh air sin, thàinig criomagan bhidio goirid ann an stoidhle Ghuthan nan Eilean a-mach anns na cruthan àbhaisteach mar “film aithriseach” agus “agallamh”.  Ach ann an ceum ùr, chaidh “bàrdachd” a chur riutha sin cuideachd. Agus le co-obrachadh bhon Dr Joseph Farquharson bhon Jamiekan Langwij Yuunit aig Oilthigh nan Innseachan an Iar, chaidh an sgriobt aithriseach a thoirt seachad anns an litreachadh aontaichte Cassidy-JLU (a bha sna naidheachdan o chionn ghoirid airson na chuir e ris an fhilm ). Bidh e comasach an uair sin fo-thiotalan a chruthachadh a bhios stèidhte air prionnsapalan cànanach làidir, agus, an ceann ùine, cruthaichear tar-sgrìobhadh Clilstore a bhios a’ toirt a-steach an inneil ùr “Custom Dictionary”, mar a chithear gu deuchainneach ann an roimhe seo airson Guthan nan Eilean.

Tha “Jamaican in Wales” dìreach mar a’ chiad fhear ann an sreath goirid de chruinneachaidhean san aon stoidhle a tha a’ sgrùdadh raointean ùra airson Guthan nan Eilean, a’ toirt a-steach bàrdachd, agus ann an co-theacsan air falbh bhon choimhearsnachd thùsanach. Tha an obair seo fhathast a’ dol, ach tha a h-uile criomag Jamaican a-nis ri fhaighinn air-loidhne air sianal bhidio Ghuthan nan Eilean, agus gheibhear thuca tro làrach-lìn a’ phròiseict ann an cruth “”, no cruth “” a tha furasta a chleachdadh airson fòn. Leis cho furasta agus tha e tionndaidhean ùra de fhilmichean aithriseach a chruthachadh, mar a chaidh a shealltainn o chionn ghoirid le Pàrlamaid na Cloinne ann am Barraigh, chaidh dreachan Cuimris, Gàidhlig is Beurla den fhilm thùsail ann an cànan Jamaican a thoirt gu buil cuideachd.

Tha fiosrachadh a bharrachd ri fhaighinn air .