Gàidhlig ann an Sealltainn

Le taic bho ChIALL, tha Guthan nan Eilean a’ leantail air clàradh eisimpleirean de chleachdadh a’ chànain Jamaican san RA le bhith a’ coimhead air mar a tha an sgrìobhadair Dòmhnall S Moireach a’ cumail suas a chuid Ghàidhlig, is esan a’ fuireach ann an Sealltainn.

see full size image
Tha eisimpleirean dhen Ghàidhlig aig Dòmhnall a-nise rim faighinn air-loidhne air an t-sianal bhidio aig Guthan nan Eilean. Faodar faighinn thuca tro làrach a’ phròiseict.

Tha an Leòdhasach a’ fuireach ann an Sealltainn. Mar ùghdar a bhios a’ sgrìobhadh sa Bheurla mar is trice, ciamar a tha e a’ cumail suas a chuid Ghàidhlig is e cho fada air falbh bhon choimhearsnachd far an do thog e an cànan?

Mar a tha Dòmhnall ag ràdh, mar as trice bidh e a’ bruidhinn na Gàidhlig seach ga sgrìobhadh. Leigidh na fo-thiotalan air YouTube le daoine aig nach eil i na faclan aige a leughadh fhad ’s a tha e a’ bruidhinn, le eadar-theangachadh gu Beurla, no cànain eile, ri fhaighinn tro “auto-translate”.

Chaidh an còmhradh a ghearradh ann an trì pàirtean, airson luchd-ionnsachaidh a chuideachadh, le fo-thiotalan rim faighinn anns gach earrann. Tha tionndadh “omnibus” ann cuideachd dhaibhsan nach eil feumach air cuideachadh sònraichte.

Faodar gach film fhaicinn tron làrach aig ann an cruth agus .