Staing na Gàidhlig
Anns a’ chaibideil seo, tha sinn a’ mìneachadh modail ùr airson ath-bheòthachadh coimhearsnachd na Gà idhlig. Ann an earrann 9.1, tha sinn a’ gabhail beachd air an fheum a tha ann airson poileasaidhean Gà idhlig agus modhan-taic coimhearsnachd creideasach, agus a’ toirt seachad bonn-stèidh dhaibh. Ann an earrann 9.2, tha sinn a’ beachdachadh air planadh agus poileasaidh cà nain ann am frèam-obrach leasachaidh choimhearsnachd le luaidh air cuid den litreachas sgoilearail eadar-nà iseanta. Ann an earrann 9.3, tha sinn a’ toirt seachad a’ mholaidh againn airson Co-chomann Mion-chà nain Co-obrachail ùr a thèid a chur an gnìomh mar Urras na Gà idhlig. Tha geà rr-chunntas den mhodail ùr ri fhaotainn ann an earrann 9.4 agus tha earrann 9.5 a’ toirt seachad tuairisgeul aithghearr air na slighean obrach a tha an lùib a’ mhodail. Tha earrann 9.6 a’ dèanamh coimeas eadar dòighean-obrach a thaobh poileasaidh is planadh cà nain stèidhte air a’ chomann-sòisealta agus air institiuidean. Tha earrannan 9.7 agus 9.8 a’ toirt seachad mìneachadh mionaideach air na ceithir prìomh phrìomhachasan ro-innleachdail am broinn a’ mhodail. Ann a bhith a’ moladh modail ùr do phoileasaidh na Gà idhlig tha e cudromach a bhith mothachail air dè cho mòr ’s a tha na dùbhlain a tha an lùib a bhith a’ gabhail dòigh-obrach ùr os là imh. Airson dòigh-obrach nas dearbhaiche is nas buntainniche a chur an sà s, feumar cur an aghaidh buaidh cion-gnìomha agus bhliadhnaichean mòra de dh’iomairtean sgrios-cà nain an aghaidh na Gà idhlig; strì riuthasan a tha a’ toirt buannachd às an t-suidheachadh là thaireil, agus os cionn gach nì eile bho shealladh coimhearsnachd, bidh aig ath-bheòthachadh na Gà idhlig ri dèiligeadh ri fìrinn an t-suidheachaidh shòiseo-chà nanaich far a bheil là mh an uachdair air a bhith aig a’ Bheurla fad dà ghinealach a-nis.
Caibideil 9: Modail Ùr Airson Ath-bheòthachadh Coimhearsnachd na Gà idhlig