Làmh-sgrìobhaidh ga chur ri cùmhnant fàs do dh’Arcaibh, Sealltainn agus Innse Gall a’ fuasgladh in-thasgadh de £335 millean
Chaidh aontachadh an-diugh ri in-thasgadh de £100 millean ann an soirbheachas eaconamach san àm ri teachd do dh’Arcaibh, Sealltainn agus Innse Gall, le riochdairean bho Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte, Riaghaltas na h-Alba a’ tighinn còmhla ri Ceannardan Chomhairle nan Eilean Siar, Comhairle Eileanan Arcaibh agus Comhairle Eileanan Shealltainn a cur an làmh-sgrìobhaidh ri Teirmean Rùintean airson Cùmhnant Fàs nan Eilean.
Tha an aonta a daingneachadh gun co-obraich gach riaghaltas le com-pà irtichean Chùmhnant nan Eilean ann a bhith a’ lìbhrigeadh cùmhnant le fòcas air: na h-eileanan a bhith air thoiseach a thaobh atharrachadh gu neo-ni eimisean; taic d dh’fhàs anns na prìomh roinnean chothruim mar turasachd, biadh is deoch, fà nas agus gnìomhachasan cruthachail; agus taic a chumail ri coimhearsnachdan beothail, seasmhach.
Bidh Cùmhnant Fàs nan Eilean a’ toirt buannachd à so-mhaoin shònraichte nan eilean le in-thasgadh de £50 millean bhon dà chuid Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba agus dùil ri £235 millean eile bho chom-pà irtichean air pròiseactan. Tha targaid à rd-amasach aig a’ phrògram in-thasgaidh 10-blidhan gu suas ri 1300 cosnadh a stèidheachadh agus a’ dèiligeadh ri iomagain mu crìonadh sluaigh a tha bualadh air iomadh ceà rnaidh de na 3 sgìrean eileanach. Bidh luchd comp-pà irt a-nis ag ullachadh Là n Chùisean Gnothachais airson aonta gach Riaghaltas, le dùil gun deidheadh aontachadh ri maoineachadh a bhith air a sgaoileadh bho 2022/23.
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Neil Simco, Iar-Phrionnsapal airson Rannsachadh agus Buaidh aig Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean:
“Tha mi air leth toilichte fà ilte a chur air Farpais Fàs nan Eilean an-diugh. Tha e na à m brosnachail is beòthail dha eileanan na h-Alba agus tha com-pà irteachas an oilthighe moiteil a bhith na phrìomh chom-pà irtiche lìbhrigidh.
“Tro chom-pà irt iomlan nan colaistean agus nan institiùdan rannsachaidh againn ann a bhith a’ leasachadh grunn phròiseactan a tha a’ faighinn taic tron aonta seo, neartaichidh sinn ar comas cur ri leasachadh seasmhach nan eilean ann an dòighean ùra agus ùr-ghnà thach.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu phròiseactan aonta Fàs nan Eilean air Comhairle nan Eilean Siar. Thèid barrachd fiosrachaidh a roinn mar a bhios na pròiseactan a’ sìor leasachadh.