Cuireadh don phoball am beachdan a thoirt seachad air Plana Gàidhlig an oilthighe
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ cur air bhog co-chomhairleachadh ùr gus beachdan fhaotainn mun cheathramh Plana Gàidhlig aca.
Tha am plana seo a’ mìneachadh molaidhean an oilthighe gu leantainn air adhart a’ togail inbhe na Gà idhlig agus ag ath-aithris ar dealais a thaobh suidheachadh na Gà idhlig tarsainn a’ chom-pà irteachais a neartachadh ann an co-rèir ri rùintean agus cinn-uidhe a tha air an gabhail a-steach ann am Plana Nà iseanta na Gà idhlig agus ann an Achd na Gà idhlig (Alba) 2005.
Bidh sia seachdainean aig a’ phoball gus an dùin an co-chomhairleachadh air 24 Dùbhlachd, airson am beachdan a roinn air a’ phlana a tha molta.
B’ e an t-oilthigh a’ chiad ionad foghlaim à rd-ìre ann an Alba a leasaich Plana Gà idhlig ann an 2010, agus measail air togail air coileanaidhean nam planaichean roimhe le bhith a’ meudachadh conaltradh leis na coimhearsnachdan, agus fiosrachadh air ais iarraidh.
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Todd Walker, prionnsapal agus iar-sheansalair an oilthighe: “Tha a’ Ghà idhlig na pà irt riatanach de dhualchas, dearbh-aithne nà iseanta agus beatha chultarail na h-Alba. Mar an aon oilthigh stèidhichte air a’ Ghà idhealtachd agus na h-Eileanan, tha sinn dealasach a thaobh inbhe na Gà idhlig a neartachadh agus a cleachdadh a bhrosnachadh tro na cothroman ionnsachaidh a tha sinn a’ tabhann.
“Tha mi moiteil às na choilean sinn gu ruige seo, a chunnaic meudachadh ann am faicsinneachd agus so-chluinntinn na Gà idhlig anns na seirbheisean againn do dh’oileanaich, luchd-obrach agus don mhòr-shluagh, agus aig an aon à m a’ cruthachadh chothroman airson foghlam tro mheadhan na Gà idhlig agus ionnsachadh na Gà idhlig ann am farsaingeachd. Tha sinn an dòchas gun tog am plana ùr seo air na coileanaidhean sin agus gun seall e dealas leantainneach an oilthighe a thaobh leasachadh agus neartachadh na Gà idhlig.
“Tha co-chomhairleachadh na phà irt chudromach den phròiseas, agus mar sin bhithinn a’ brosnachadh duine sam bith le ùidh sa phlana na beachdan aca a thoirt seachad.â€
Faodar an dreachd plana fhaicinn aig www.uhi.ac.uk/en/about-uhi/facts-and-figures/publications/draft-gaelic-plan
Cuiridh sinn fà ilte air fiosrachadh air ais gu 24 Dùbhlachd 2021.