Òraid airson forfhais a bheil a leithid ann is lèirsinn Ghàidhealach
Bidh sà r sgoilear Gà idhlig a’ toirt seachad òraid an-asgaidh san Eilean Sgitheanach an ath mhìos mar phà irt den t-sreath de dh’òraidean poblach aig Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean. Bidh an t-Àrd-ollamh Meg Bateman, à rd-òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig ÐÓ°ÉÔ´´, a’ beachdachadh air a’ cheist a bheil a leithid ann is fradharc Gà idhealach air an t-saoghal.
Agus i a’ sgrùdadh cheistean mu luach an fhradhairc ann an cultar na Gà idhlig, mar a riochdaichear dathan agus mar a tha ideòlasan fighte fuaighte ann an grà mair agus gnà thasan-cainnte, bidh an t-Àrd-ollamh Bateman a' tairgsinn a’ bheachd gu robh dòigh shònraichte aig na Gà idheil a bhith a’ faicinn an t-saoghail.
Mar a mhìnicheas i fhèin e: "Is dòcha gun tug eisteadaigeachd nan Gà idheal buaidh air an tuigse a bh’ ann sa chultar air gnothaichean bunaiteach leithid suidheachadh an duine san à rainneachd, cumadh ùine agus an dà imh eadar an spiorad agus an stuth, agus gun tug an tuigse sin, mar an ceudna, buaidh air an eisteadaigeachd."
Tha an t-Àrd-ollamh Bateman a’ lìbhrigeadh na h-òraid aice an dèidh Àrd-ollamhachd a bhith air a buileachadh oirre le Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean san Dùbhlachd 2015. A bharrachd air a bhith na sà r ùghdarras air litreachas na Gà idhlig, tha i na sgrìobhadair agus na bà rd agus an obair aice air a foillseachadh gu h-eadar-nà iseanta. Rinn i ionnsachadh agus teagasg aig Oilthigh Obar Dheathain, far an d’fhuair i dotaireachd ann am bà rdachd chreideamhach sa Gà idhlig chlasaigich, mus deach i gu Sabhal Mòr Ostaig ÐÓ°ÉÔ´´ ann an 1998.
Bidh òraid tighinn an dreuchd an Àrd-ollaimh Bateman stèidhichte air eileamaidean den leabhar a tha ri tighinn, Window to the West, a sgrìobh i còmhla ris an sgrìobhadair, craoladair agus sgrìobhaiche-ciùil, John Purser. Thèid an òraid a lìbhrigeadh ann an Gà idhlig agus bidh eadar-theangachadh Beurla ri fhaighinn.Bidh e a’ gabhail à ite bho 5.15f gu 7.15f air Diardaoin 21 Sultain aig Talla Dhonaidh Chaimbeul, Sabhal Mòr Ostaig ÐÓ°ÉÔ´´ agus bi cothrom ann do luchd-frithealaidh fhaicinn air YouTube. Gus à ite a ghleidheil no tuilleadh fhaighinn a-mach, tadhail air