Òraid a’ cur aghaidh ris na dùbhlain a th’ ann do mhion-chànanan
Bheir eòlaiche air mion-chà nanan òraid an asgaidh seachad aig Sabhal Mòr Ostaig ÐÓ°ÉÔ´´ air an ath-mhìos. Sgrùdaidh Conchúr Ó Giollagáin, Àrd-Ollamh Rannsachaidh na Gà idhlig aig Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean na dùbhlain ionadail is eadar-nà iseanta a th’ ann do mhion-chà nanan. Bruidhnidh e mu mar a tha beatha nua-aimsireil na cunnart do mhion-chà nanan agus mìnichidh e gur e fuasgladh eile air an t-suidheachadh a tha a dhìth.
Mar a tha an t-Àrd-Ollamh Ó Giollagáin a’ mìneachadh: “Tha mòran den deasbad a th’ ann an-drà sta mu iomadachd mhion-chà nanan mì-fhreagarrach agus neo-threibhdhireach. Feumaidh sinn measadh soilleir air na tha a’ tachairt don Ghà idhlig agus do mhion-chà nanan eile a chur a chèill mar chiad cheum ann a bhith a’ moladh fhuasglaidhean ùra air an t-suidheachadh a th’ againn an-drà sta. Ma tha sinn gu bhith a’ toirt dòchas do choimhearsnachdan, feumaidh sinn lèirsinn agus ro-innleachd a chur an cèill anns am faod misneachd a bhith aig daoine.â€
Bheir an t-Àrd-Ollamh Ó Giollagáin seachad an òraid ùr-thòiseachaidh aige ‘Ath-sgrùdadh air ar Suidheachadh: Na Mion-chà nanan ann an Nua-aimsireachd an t-Saoghail Mhòir’ seachad eadar 5.15f agus 7.15f Dimà irt 19 Giblean aig Sabhal Mòr Ostaig ÐÓ°ÉÔ´´ san Eilean Sgitheanach. Thèid an òraid a thoirt seachad ann am measgachadh de Ghà idhlig agus Beurla agus bidh goireasan ann don fheadhainn a tha airson eadar-mhìneachadh Beurla a chluinntinn. Thèid an tachartas fhilmeadh agus bidh e ri fhaotainn goirid an dèidh là imh air farsaingeachd de là raich-lìn. Airson barrachd fiosrachaidh mun òraid, no airson à ite an asgaidh a ghleidheadh, cuir post-d gu events@uhi.ac.uk no tadhal air www.uhi.ac.uk