Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air oileanach na bliadhna 2016 ainmeachadh
Tha oileanach a tha dealasach airson eòlas-mara air ainmeachadh mar oileanach na bliadhna 2016 aig Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean.
Cheumnaich Samuel Black (22), a tha à Dùn Bà rr ann an Lodainn an Ear, o Chomann Saidheans Mara na h-Alba ÐÓ°ÉÔ´´ nas trà ithe sa bhliadhna le ceum le urram sa chiad rang ann an saidheans mara agus eòlas na h-Artaig. Chaidh a thaghadh airson na duaise airson na h-obrach acadaimigich air leth a rinn e, cho dìorrasach ’s a bha e agus na rinn e airson Comann Saidheans Mara na h-Alba ÐÓ°ÉÔ´´, na sgìre mun cuairt agus na coimhearsnachd aige fhèin.
A bharrachd air a bhi a’ faighinn comharran à rda fad nan ceithir bliadhna san ionad an Earra-Ghà idheal, fhuair e ùine club dà ibhigidh a stèidheachadh, cuideachadh a bhith a’ teagasg do chlann mu dheidhinn na h-Artaig agus pà irt a ghabhail ann an dùbhlan air leth duilich airson carthannas aillse broillich.
`S e Polly Crooks, oifigear clà raidh agus taic oileanaich aig Comann Saidheans Mara na h-Alba ÐÓ°ÉÔ´´, a chuir Sam air adhart airson na duaise. Chuir à ireamh de bhuill eile den luchd-obrach molaidhean leis an tagradh, agus òraidichean Sam nam measg.
Mhìnich Polly, “Bha Sam na oileanach sgoinneil, dìcheallach a fhuair comharraidhean matha fhèin. Bha e anabarrach soilleir ri fhaicinn cho dìoghrasach ’s a bha e airson Saidheans na Mara, Comann Saidheans na Mara agus na sgìre mun cuairt air. Thagh e a bhith ag ionnsachadh ann an Svalbard san treas bliadhna agus bha e sònraichte math san à rainneachd sin; a bharrachd air a bhi dealasach air an achadh a-muigh thug an ùidh a bha aige ann an Saidheans na h-Artaig cuideachadh dha toraidhean matha fhèin fhaighinn.
“Bha Sam an còmhnaidh èasgaidh taic a chur le obair for-ruigheachd agus adhartachadh nam prògraman againn. Na bha e san Artaig rinn e ceangal ri sgoil ann an Dùn Bà rr airson agus gum bitheadh cothrom aig sgoilearan barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn na h-Artaig. Chuir e cuideachd le beatha nan oileanach le bhi a’ ruith club dà ibhidh airson SAMS ÐÓ°ÉÔ´´.
“Sa bhliadhna mu dheireadh air a chùrsa foghlaim, a’ bhliadhna a bu truime, chaidh Sam air iomairt far an do rinn e snà mh ann an Loch Sìldeag, agus far an deach e air turas baidhsagail agus maraton anns an robh aige ri a dhà de bheanntan an Rothaich a streap. Bha e air fear de na farpaisich a b’ òige ann an Celtman agus thog e na mìltean not airson carthannas.â€
Agus e a’ bruidhinn air mar a chaidh oileanach na bliadhna a thoirt air le oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean, thuirt Sam: `S e urram uabhasach a tha ann an duais seo fhaighinn agus bu toil leam taing a thoirt do luchd-obrach agus co-oileanaich a thug seachad taic agus cuideachadh dhomh sa bhliadhna mu dheireadh. Tha mi a-nis ag ionnsachadh airson MSc ann an atharrachadh na gnà th-shìde aig oilthigh Copenhagen san Danmhairg, ach ’s e SAMS an t-oilthigh as dachaigh dhomh nam cheann agus na mo chridhe. Thig agad air Sam a thoirt a-mach à SAMS ach chan urrainn dhut SAMS a thoirt a-mach à Sam.
Thuirt an t-Àrd-ollamh Clive Mulholland, prionnsapal agus iar-sheansalair Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean, “Bha Sam na oileanach eisimpleireach agus airidh air duais oileanach na bliadhna 2016. Chan e a-mhà in gun d’fhuair e toraidhean acadaimigeach air leth ach ’s e cuideachd na rinn e san oilthigh agus sa choimhearsnachd. Fad ’s a bha e còmhla rinn choimhead e dhuinn gu robh e dìoghrasach agus dìcheallach sa h-uile rud a bha e a’ dèanamh. Bu toil leam meal-an-naidheachd a chur air Sam airson na rinn e, agus mi an dòchas gun tig dha gu math san à m ri teachd.
Bhuannaich Sam cuideachd an Duais Thrì-phà irteach airson Trà chdas le Fo-cheumnaiche, duais bhliadhnail san Rìoghachd Aonaichte bho Chomann Saidheans Mara Challenger, an Institiud airson Innleadaireachd, Saidheans agus Teicneolas na Mara agus an Comann airson Teicneolas fon Uisge airson a’ phròiseict a b’ fheà rr bho oileanach BSc ann an saidheans, innleadaireachd no teicneolas na mara.
Thuirt Stiùiriche Chomann Saidheans Mara na h-Alba ÐÓ°ÉÔ´´, an t-Àrd-ollamh Nicholas Owens: `S e bliadhna air leth a tha air a bhi ann do Sam agus an trà chdas aige air a thaghadh air an fhear a b’ fheà rr am measg oileanaich saidheans mara air feadh Bhreatainn. ’S ann glè ainneamh nar beatha a bhios oileanach sa bhliadhna mu dheireadh a’ buannachadh oileanach na bliadhna agus aig an aon à m a’ trèanadh airson euchd corporra cho aibheiseach.
Mar oileanach na bliadhna, chaidh seic airson £400 a thoirt seachad do Sam aig cuirm-cheumnachaidh Chomann Saidheans Mara na h-Alba san Òban. An dèidh dha crìoch a chur air MSc, tha e an dòchas PhD a dhèanamh a bhitheas a’ coimhead air na rianan leis a bheil brat-deighe na h-Antartaig a’ tanachadh agus a’ tarraing air ais agus dè a’ bhuaidh a bhitheas air à irdead na fairge air feadh an t-saoghail.