Gnothach a dhèanamh rinn
Mar bhall de , tha Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean ag obair ann an com-pà irteachas ris an ionad shà r-eòlais seo a thoirt taic do leasachadh solar adhartach tarsainn roinn an fhoghlaim adhartaich agus an fhoghlaim à rd-ìre ann an Albainn. Mar aithneachadh air an taic sin agus a chum ’s gum biodh e ag obair gu tur a rèir phoileasaidhean solair Riaghaltas na h-Alba agus reachdas solair na Roinn Eòrpa, stèidhich an t-oilthigh poileasaidh solair.
Tha a’ cur sìos nan riaghailtean, nan gnà thannan, is nan slatan-tomhais bunaiteach a bhuineas do sholar poblach an Albainn, agus am poileasaidh seo, an co-chòrdadh ris a’ chleachdadh as fheà rr a thaobh solar, a’ toirt fios air na gnothaichean a leanas an co-cheangal ris an oilthigh:
- an ceannardas agus na dòighean-riaghlaidh aige a thaobh solar
- na daoine aige
- an ro-innleachd is na h-amasan aige a thaobh solar
- a’ mhodh-obrach a th’ aige a bhith a’ comharrachadh a fheuman a thaobh solar, a’ gabhail a-steach bathar is seirbheisean a shònrachadh
- a ro-innleachd thà iridh agus am feum a nì e de sholar co-oibreachail
- na prìomh phròiseasan is siostaman ceannaich aige, agus
- mar a bhios e a’ riaghladh chunnraidhean.
Chuir an t-oilthigh ainm ris a’ aig Riaghaltas na h-Alba, mar phà irt den uallach a ghabh e air fhèin a bhith a’ co-oibreachadh le buidhnean ceannaich eile san Roinn Phoblaich is gnothachasan Albannach gus am bi pròiseasan is còmhradh nas fheà rr ann a thaobh solar san roinn phoblaich.
Leugh ar :
- 2020-21 Aithisg Solair (Beurla)
- Teirmean agus Cumhachan Coitcheann (Beurla)
Poileasaidh an aghaidh brìbearachd
Tha an t-Oilthigh dealasach a thaobh nan inbhean eadarnà iseanta as à irde de dh’ionracas agus a bhith a’ dèanamh cinnteach gun lean e is gun adhartaich e an cleachdadh as fheà rr a thaobh brìbearachd a bhacadh. Tha Poileasaidh an oilthigh an aghaidh brìbearachd air a dhealbhadh a bhith a rèir Achd Brìbearachd 2010.
Is e poileasaidh an oilthigh gum bi am foireann agus na h-oileanaich air fad a’ dol mu an gnothach ann an dòigh onarach, is gun a bhith ri cleachdaidhean coirbte no brìbearachd airson buannachd neo-chothromach fhaotainn. Chan e dìreach an t-oilthigh a bhith a’ gabhail uallach cultarach air fhèin a tha seo; is e briseadh-lagha a th’ ann am brìbearachd sa mhòrchuid de dhùthchannan agus bidh gnìomhan coirbte a’ fà gail an oilthigh agus an luchd-obrach aige buailteach do chasaid laghail, unnlaghan agus prìosan, cho math ri bhith a’ cur deagh chliù an oilthigh ann an cunnart.
Achd Ionmhais Eucoireach 2017
Chan eil Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean a gabhail le fuasgladh bho cìsean ann an dòigh sam bith. Chaidh an aithris seo fhoillseachadh ann an co-rèir ri Achd Ionmhais Eucorach 2017 agus tha e a `mìneachadh ar dealas a thaobh casg a chur air daoine a tha co-cheangailte ris an oilthigh agus a fo bhuidheann bho a bhith a’ dol an sàs ann an cuideachadh le eucoir a bhith a ‘fuasgladh chìsean.
Achd Tràilleachd an Lath an-diugh 2015
Fiosrachadh mun uallach a tha sinn a’ gabhail oirnn fhèin a thaobh Achd Trà illeachd an Latha an-diugh 2015.