Foghlam G脿idhlig MEd
C貌d a' Ch霉rsa: Q539
Modh ionnsachaidh: Bidh sibh a鈥 gabhail nas lugha de dh鈥檃onadan c霉rsa/modalan gach seachdain an taca ri l脿n-霉ine., Bidh sibh ag ionnsachadh taobh a-muigh uairean obrach 脿bhaisteach, mar as trice air an fheasgar.
Se貌rsa c霉rsa: MEd
贰补诲补谤-苍脿颈蝉别补苍迟补: Not eligible for international students
D猫an sgr霉dadh aig: Sabhal Mòr Ostaig
Modh ionnsachaidh: Bidh sibh a鈥 faotainn chlasaichean agus/no stuthan gu didseatach., Bidh sibh ag ionnsachadh agus gur measadh san 脿ite-obrach agaibh.
Fad: 笔脿颈谤迟-霉颈苍别: 3 bliadhna
Modh ionnsachaidh: Bidh sibh a鈥 frithealadh chlasaichean aig amannan ro-shuidhichte, a chithear air a鈥 chl脿r-ama agaibh.
D猫 tha s貌nraichte mun ch霉rsa seo?
Tha am prògram gu lèir air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig, a leigeas le com-pàirtichean an cuid sgilean litearrachd sa Ghàidhlig a leasachadh fhad is a tha iad a’ toirt an cuid eòlas proifeiseanta, tuigse is sgilean air foghlam Gàidhlig am feabhas.
’S ann air na leanas a bhios am prògram stèidhichte:
- Modhan-teagaisg bogaidh is sàr-chleachdadh ann am foghlam bogaidh eadar-nàiseanta
- Rannsachadh, poileasaidh is cleachdadh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig
- Neartachadh comasan Gàidhlig nan sgoilearan
- Neartachadh misneachd is comasan nan com-pàirtichean sa Ghàidhlig agus an cuid tuigse air is cleachdadh de ghràmar na Gàidhlig
- Neartachadh tuigse air cultar is fèin-aithne na Gàidhlig an lùib a’ chlàir-oide
- Cumail taic ri measgachadh de luchd-ionnsachaidh ann am foghlam Gàidhlig
- Air cheann ionnsachaidh ann am foghlam Gàidhlig
- Rannsachadh an neach-cleachdaidh a chuireas is a leasaicheas cleachdadh
Tha am prògram MEd stèidhichte air modalan ceumnach a leigeas le com-pàirtichean togail gu leantainneach air an eòlas stèidhichte aca. Tha an ceum a’ tighinn gu crìch le sgrùdadh deireannach an neach-cleachdaidh a th’ air a dhealbhadh airson leigeil le com-pàirtichean an cuid eòlais, sgilean is tuigse phroifeiseanta, a tha iad air leasachadh tron phrògram, a chur gu feum airson taic a chumail ri leasachadh san t-suidheachadh obrach aca fhèin.
Feartan s貌nraichte
- Structar leantainneach stèidhichte air modalan ceumnach a leigeas le com-pàirtichean togail gu leantainneach air an eòlas stèidhichte aca
- Air a lìbhrigeadh le luchd-labhairt a tha fileanta ’s a’ Ghàidhlig agus aig a bheil eòlas farsaing air foghlam
- Cothrom rannsachadh an neachd-cleachdaidh a dhèanamh nur n-àite-obrach
- Tha ionnsachadh cnuasachaidh aig cridhe a’ chùrsa seo, a leigeas leibh na dh’ionnsaicheas sibh a chleachdadh nur practas proifeiseanta
- Feumaidh Gàidhlig a bhith agaibh agus feumaidh sibh a bhith clàraichte leis an GTCS
Inntrigeadh adhartach:
- Dh’fhaodadh soirbheas ann an Tèisteanas Iar-Cheuma ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (Streap), a chaidh a lìbhrigeadh ann am com-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Oilthigh Obar Dheathain, cothrom dhuibh a dhol a-steach don dàrna bliadhna.
- Thèid agallamh a dhèanamh leibh aig inntrigeadh agus feumaidh 60 creideasan slàn a bhith agaibh bhon phrògram seo às na còig bliadhna mu dheireadh
Seo na prìomh mhodalan:
- Foghlam bogaidh agus a’ togail cànain ann an suidheachadh mion-chànanach
- Dòighean-teagaisg èifeachdach airson bogadh ann an àrainneachd bheartach Ghàidhlig
Thèid agaibh air fear de na modalan roghainneil seo a dhèanamh:
- Gàidhlig airson luchd-teagaisg 1
- Gàidhlig airson luchd-teagaisg 2
Seo na prìomh mhodalan:
- Cultar, fèin-aithne agus ideòlas cànain ann am foghlam Gàidhlig
- A’ cumail taic ri gach neach-ionnsachaidh
Thèid agaibh air fear de na modalan roghainneil seo a dhèanamh:
- A’ stiùireadh ionnsachadh ann am foghlam Gàidhlig
- Gàidhlig airson luchd-teagaisg 2
Seo na prìomh mhodalan:
- Tagradh rannsachaidh an neach-cleachdaidh
- Rannsachadh an neach-cleachdaidh ann am foghlam Gàidhlig
Ciamar a dh鈥檌onnsaicheas mi?
- 笔脿颈谤迟-霉颈苍别 (le structar)
- 鈥橲 ann air-loidhne a tha cuid mh貌r den phr貌gram air a l矛bhrigeadh agus chaidh a dhealbhadh gus an t猫id a dh猫anamh cuide ri dleastanasan proifeiseanta eile.
- Th猫id latha aghaidh-ri-aghaidh a chur seachad aig Sabhal M貌r Ostaig aig toiseach na bliadhna acadaimigich far an urrainn do chom-p脿irtichean is oidean a鈥 phr貌graim coinneachadh ri ch猫ile. Bidh com-p脿irtichean an s脿s ann an gn矛omhan air-loidhne gach cola-deug cho math ri clasaichean air-loidhne gus am bi conaltradh cunbhalach ann agus co-obrachadh eadar com-p脿irtichean is oidean
D猫 cho fad 鈥檚 a mhaireas an c霉rsa agam?
- 笔脿颈谤迟-霉颈苍别 (le structar): 3 bliadhna
Seallaidh an 脿ireamh de dh鈥檜airean gach seachdain an 霉ine a bu choir dhuibh a chur seachad air obair a鈥 ch霉rsa, a鈥 gabhail a-steach
貌raidean agus an 霉ine agaibh fh猫in a chosgas sibh air ionnsachadh pearsanta agus rannsachadh.
- Sabhal Mòr Ostaig
A鈥 t貌iseachadh
- An t-Sultain
颁矛蝉别补苍
Airson an t-Sultain 2022, tha an MEd Foghlam Gàidhlig air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba, mar sin cha bhi cìsean oideachaidh ri pàigheadh le oileanaich. Tha ion-roghnachd a’ chùrsa seo stèidhichte air clàradh le Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba (GTCS).
Maoineachadh
Tha an cùrsa seo air a làn-mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba.
Cosgaisean a bharrachd
Thèid agaibh ri latha aghaidh-ri-aghaidh a fhrithealadh aig Sabhal Mòr Ostaig san t-Sultain aig toiseach gach bliadhna acadaimigich. Bidh agaibh fhèin ri cosgaisean siubhail a phàigheadh.
D猫 as urrainn dhomh d猫anamh nuair a choilionas mi an c霉rsa agam?
Cuiridh am program seo gu mòr ris an ionnsachadh phroifeiseanta agaibh mar thidsear.
An urrainn dhomh adhartas a dh猫anamh do ionnsachadh a bharrachd?
Faodaidh sibh leantainn oirbh bhon a’ phrògram seo chun a’ chùrsa a leanas:
- PhD ann am Foghlam
Cuir a-steach airson Foghlam G脿idhlig MEd
Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na G脿idhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh 杏吧原创 cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a r猫ir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gn猫, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh sh貌iseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur f脿ilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is 猫ifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.